Iomart dhan t-Seanaid an Alaska: cunntadh bhotaichean-sgriobhte
Tha mi air a bhith ann an sàs mar fhrear-choimheid as leth iomairt Joe Miller dhan t-Seanaid ann an Alaska. San rèis sin, as deidh do Lisa Murkowski a chall aig ìre bun-taghaidh, chuir i roimhpe leantainn oirre mar tagraiche-sgrìobhaidh. Uill, latha an taghaidh, bha na 'bhotaichean-sgrìobhte' air thoiseach air tagraiche nam Poblachdach, Joe Miller. Ach an ceist a bh'ann, 's e cò mheud dhe na botaichean-sgrìobhte a bh a do Lisa Murkowski gu laghail. B'fheudar dhaibh an cunntadh, gach h-uile fear aca, còrr 's 90,000 bhotaidhean-sgrìobhte. 'S chaidh mise ann mar fhear-coimheid as leth iomairt Joe Miller feuch an robh na bhotaichean a bha iad ag iarraigh chunntadh do Lisa Murkowski, air an cuir dhi gu laghail.
Nuair a thòisich sinn diciadain, bha tòrr luchd-naidheachd o feagh na dùthcha ann, New York Times, Washingtom post, Fox News. An-diugh, tha a'chuid as motha aca air sgapadh ach bha luchd-naidheachd as leth Al Jeezera ann.
A-reir lagh nan taghaidhean ann an Alaska, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh, feumaidh an t-ainm mar a tha e sgrìobhte a bhith co-ionnan ris an ainm a thug an tagraiche do Division of Elections bho thoiseach. Uill, chan mar sinn a tha Division of Elections a'coimhead air a'chùis. Ma tha an t-ainm faisg gu leòr do Lisa Murkowski, bith iad gan cunntadh dhi co-dhiù.
Diciadain, nuair thòisich sinn, nan robh an t-ainm a'toiseachadh le L agus M bha seo ceart gu leòr do Roinn nan Taghadh. Ach an-diugh, thug sinn camaran leinn 's thòisich sinn dealbhan a thogail dhe na bhotaichean nach robh sgrìobhte gu ceart. Seo eiseimpleir fear dhiubh:
Diciadain, bhiodh iad air a chunntadh do Lisa Murkowski. An-diugh ge-ta cha do chunnt iad e dhi.
0 Comments:
Post a Comment
Subscribe to Post Comments [Atom]
<< Home